Skip to main content

Prìobhaideachd aig Microsoft

An dàta agad, a’ cur spionnadh nad shaoghal digiteach, fo do smachd-sa.

Aig Microsoft, ’s e am misean againn gun cuir sinn a’ chumhachd an làmhan gach daoine is buidheann air a’ chruinne-chè gus barrachd a dhèanamh. Gus seo a chur an cèill, tha sinn a’ togail neòil ghlic, a’ tionnsgnadh an dèanadas agus pròiseasan a’ ghnìomhachais às ùr agus tha sinn a’ dèanamh a’ choimpiutaireachd nas pearsanta. Leis a h-uile càil seo, glèidhidh sinn luachan buan na prìobhaideachd agus an comas agadsa gus an dàta agad fhèin a stiùireadh.

Ri linn sin, bidh smachd agad sa bhathar air na dòighean air an tèid dàta a chruinneachadh agus a chleachdadh agus carson agus sinne a’ dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh iomchaidh agad airson roghainnean a thaghadh a bhios ceart dhut air feadh a’ bhathair is nan seirbheisean againn.

Tha sinn a’ dèanamh oidhirp mhòr gus d’ earbsa a chosnadh slighe sia prionnsabalan prìobhaideachd mòra:

  • Smachd: Bheir sinn smachd dhut air do phrìobhaideachd slighe innealan a bhios furasta ri an cleachdadh agus roghainnean soilleir.
  • Follaiseachd Bidh sinn follaiseach mu dhàta a chruinnicheas agus a chleachdas sinn ach an urrainn dhut-sa co-dhùnadh fiosrachail a dhèanamh
  • Tèarainteachd: Dìonaidh sinn an dàta a dh’earbas tu dhuinn le tèarainteachd is crioptachadh làidir.
  • Dìon laghail làidir Gèillidh sinn ris na laghan prìobhaideachd ionadail far a bheil thu agus nì sinn strì airson dìon laghail do phrìobhaideachd mar chòir bhunaiteach a’ chinne-dhaonna.
  • Gun chuimseachadh stèidhichte air susbaint: Cha chleachd sinn am post-d, cabadaich, faidhlichean is susbaint phearsanta eile agad gus sanasachd a chuimseachadh ort.
  • Buannachdan dhut-sa: Nuair a chruinnicheas sinn dàta, cleachdaidh sinn e a chum do leas-sa agus airson ’s gun obraich rudan nas fhearr dhut.

Tha na prionnsabalan seo aig cridhe feallsanachd Microsoft a thaobh prìobhaideachd agus bheir e sìor-stiùir dhuinn ann an dealbhadh ar bathair is seirbheisean. Ma tha thu nad chustamair enterprise no gnìomhachais, thoir sùil air an Aonad earbsa aig Microsoft gus faighinn a-mach mar a dhìonas sinn an dàta agad ann amMicrosoft Cloud.

Air a’ chorr dhen làrach-lìn seo, gheibh thu ceanglaichean ri barrachd fiosrachaidh is uidheaman-smachd ach an urrainn dhut co-dhùnaidhean fiosrachail a ruigsinn. Tha sinn a’ sìor-leasachadh rudan agus ma mhothaicheas tu do rud sam bith sa bhathar no sna seirbheisean againn nach eil mar bu chòir a thaobh prìobhaideachd, nach innis thu dhuinn?


Dè an dàta a chruinnicheas Microsoft?

Cruinnichidh Microsoft dàta ach an urrainn dhut obair a dhèanamh nas èifeachdaiche. Ach an urrainn dhuinn sin a dhèanamh, cleachdaidh sinn an dàta a chruinnicheas sinn gus am bathar-bog, na seirbheisean is uidheaman againn obrachadh is a leasachadh agus airson ’s gun urrainn dhuinn dreach pearsanta a chur air rudan dhut is do chumail sàbhailte. Seo an seòrsa de dhàta a chruinnicheas sinn gu tric,

Brabhsadh-lìn is luirg air loidhne

Boireannach a’ rùrachadh an lìn ’s a’ lorg rudan

Mar a nì iomadh einnsean-luirg, cleachdaidh sinn eachdraidh nan lorg agad agus eachdraidh threudaichte dhaoine eile ach am faigh thu toraidhean nas fhearr. Airson ’s gun dèan thusa brabhsadh nas fhearr, cruinnichidh is cleachdaidh brabhsairean-lìn Microsoft an eachdraidh brabhsaidh airson tomhas a dhèanamh air an ath-àite air an tadhal thu. ’S urrainn dha Cortana molaidhean pearsantaichte a thoirt dhut a-rèir na h-eachdraidh brabhsaidh is eachdraidh nan lorg agad.

’S urrainn dhut co-dhùnadh an tèid an eachdraidh brabhsaidh agad a chruinneachadh slighe roghainn nam beachdan is na diagnosachd ann an prìobhaideachd Windows gus nach tèid. ’S urrainn dhut co-dhùnadh cuideachd am faigh Cortana cothrom air an eachdraidh brabhsaidh is luirg agad ann an Roghainnean Chortana is Microsoft Edge.

Àitichean air an tadhail thu

Càr a’ draibheadh seachad air bùth uachdar-reòite

Ma tha fios againn càit a bheil thu, ’s urrainn dhuinn do stiùireadh gu àitichean agus fiosrachadh iomchaidh a shealltainn dhut mun àite far a bheil thu. Cleachdaidh sinn na h-ionadan a bheir thu dhuinn airson sin no ionadan a mhothaich sinn dha slighe teicneolas mar GPS no seòlaidhean IP.

Ma tha cead againn mothachadh dha d’ ionad, is urrainn dhuinn do dhìon cuideachd. Mar eisimpleir, can ma bhios tu a’ clàradh a-steach ann an Sruighlea an-còmhnaidh agus gu h-obann ann an Tokyo an uairsin, is urrainn dhuinn ceasnachadh an tusa a tha ann.

’S urrainn dhut seirbheisean an ionaid a chur air no dheth air an uidheam agad ann an “Roghainnean” > “ Prìobhaideachd” > “An t-ionad”. ’S urrainn dhut co-dhùnadh an-seo cuideachd dè na h-aplacaidean à Microsoft Store aig a bheil cead air d’ ionad agus eachdraidh nan ionadan air an uidheam agad a stiùireadh.

Tadhail air account.microsoft.com a dh’fhaicinn dàta mu na h-ionadan a chaidh a cheangal ris a’ chunntas Microsoft agad agus airson fhalamhachadh.

Dàta a chuidicheas sinne gad chuideachadh, gu pearsanta

Fireannach a’ coimhead air fòn air a’ chabhsair

Ach an cuidich sinn thu a’ seachnadh trafaig, a’ cumail ceann-bliadhna nad chuimhne, a’ sgrìobhadh SMS gun t-Sìne “cheart” is barrachd dhèanamh, feumaidh fios a bhith aig Cortana dè na rudan sa bheil ùidh agad annta, na tha air a’ mhìosachan agad is cò bhios tu a’ dèanamh rudan còmhla. Mur eil thu airson buadraigeadh le meur-chlàr, ’s urrainn dhuinn do chainnt is làmh-sgrìobhadh aithneachadh ach an urrainn dhuinn na chanas tu no na sgrìobhas tu a chur a-steach ann an sgrìobhainnean no teachdaireachdan teacsa.

A’ stiùireadh d’ ùidhean is dàta eile ann an Cortana

Fitness is slàinte

Fireannach a’ falbh air rothair air an t-sràid

Tha Microsoft Health, HealthVault is uidheaman mar Microsoft Band a’ toirt cothrom dhut an dàta mu do shlàinte a thuigsinn is a stiùireadh.

Faodaidh an dàta seo a’ gabhail a-staigh dàta fìor-ama mar reat do chridhe agus ceuman a ghabh thu tron latha. Faodaidh e na clàran slàinte agad a ghabhail a-staigh cuideachd ma chuir thu romhad an dàta sin a thoirt dha HealthVault airson a chumail ann. ’S urrainn dhut na clàran slàinte agad a cho-roinneadh le luchd-cùraim cuideachd slighe HealthVault.

Dàta a chleachdas sinn airson ’s gum faic thu sanasachd nas inntinniche

Boireannach a’ coiseachd sìos an rathad

Gheibh cuid de na seirbheisean aig Microsoft teachd a-steach o shanasachd. Airson ’s gum faic thu sanasachd a bhios nas iomchaidhe dhut, cleachdaidh sinn dàta mar d’ ionad, na lorg thu ann am Bing, duilleagan Microsoft no luchd-sanasachd air an do choimhead thu, fiosrachadh deamografach is rudan a tha a’ còrdadh riut. Cha chleachd sinn na chanas tu ann am post-d, cabadaich, gairm video no post-gutha no na sgrìobhainnean, dealbhan no faidhlichean pearsanta eile agad gus sanasachd a phearsanachadh dhut.

Mur eil thu ag iarraidh gun nochd Microsoft sanasachd dhut a-rèir na tha ùidh agad ann, cleachd na h-uidheaman-smachd na sanasachd air loidhne againn. Chì thu sanasachd fhathast ach dh’fhaoidte nach bi e cho inntinneach dhut.

Clàradh a-steach is dàta pàighidh

Fireannach a’ pàigheadh airson cofaidh

Ma chlàraicheas tu cunntas Microsoft, gheibh thu cothrom air seirbheisean air loidhne mar stòras is roghainnean an teaghlaich agus is urrainn dhut na roghainnean agad a shioncronachadh air feadh nan uidheaman agad. Nuair a chuireas tu fiosrachadh pàighidh ris a’ chunntas agad, bidh e furasta rudan mar aplacaidean, fo-sgrìobhaidhean, filmichean, TBh agus geamannan fhaighinn air an uidheam Windows 10 agad.

Ma chumas tu am facal-faire agad dìomhair is le ceum tèarainteachd eile mar àireamh fòn no seòladh puist-d, ’s urrainn dhut na faidhlichean, cairtean-creideis, an eachdraidh brabhsaidh is am fiosrachadh ionaid agad a chumail slàn sàbhailte.

Tadhail air làrach-lìn nan cunntasan Microsoft a dh’atharrachadh fhaclan-faire, an fhiosrachaidh tèarainteachd is nan roghainnean pàighidh.

Fiosrachadh o mhothaichearan uidheaman

Fireannach na shuidhe air langasaid is uidheaman ceangailte aige

Mar a bhiodh dùil ann an uidheam ùr-nodha sam bith, tha mothaichearan aig cuid mhòr dhe na fònaichean, tablaidean is PCan Windows 10 – airson ’s gun urrainn dhaibh mothachadh ris an t-saoghal mun cuairt orra. Rudan mar mhicreofon an fhòn agad a tha ann no meidheadair-luathachaidh, sganair lorg-meòir an laptop agad, mothaichear GPS inntearnail is mòran a bharrachd.

Air uidheaman Windows 10, ’s urrainn dhut stiùireadh dè an dàta o na mothaichearan as urrainn dhan uidheam is na h-aplacaidean a chleachdadh ann an “Roghainnean” > “Prìobhaideachd”.


Windows 10 is na seirbheisean air loidhne agad

suaicheantas Windows 10
Boireannach aig deasg a’ cleachdadh laptop

Leis gu bheil cumhachd an neòil am broinn Windows 10, tha dàta gar cuideachadh gad shìor-dhìon is a’ sìor-leasachadh rudan dhut. Mar eisimpleir, airson do chumail sàbhailte air loidhne, sganaidh sinn uidheaman Windows 10 gu fèin-obrachail airson bathar-bog droch-rùnach air a bheil sinn eòlach. Cleachdaidh sinn telemeatraidh cuideachd, sin fiosrachadh beò mun t-siostam Windows 10 agad is mar a tha e a’ dèanamh airson gach rud a chumail rèidh dhut. Can gu bheil duilgheadas agad le draibhear aig clò-bhualadair àraidh, is urrainn dhuinn na draibhearan ceart a chur gu na daoine aig a bheil a leithid a chlò-bhualadair ann.

Bheir sinn grunn uidheaman-smachd dhut cuideachd leis an urrainn dhut stiùireadh mar a thèid am fiosrachadh a chleachdadh airson dreach pearsanta a chur air seirbheisean is Windows 10 dhut. ’S urrainn dhut na roghainnean prìobhaideachd Windows 10 agad a chur air gleus airson a h-uile rud eadar telemeatraidh bunasach is seirbheisean pearsantaichte uair sam bith ’s tu a’ tadhal air “Roghainnean” > “Prìobhaideachd” > “Beachdan ⁊ diagnosachd”.

Fiosraich mar a tha gach aon dhen bhathar againn a’ cur gu feum dàta gus dreach pearsanta a chur air rudan dhut.

Office Suaicheantas Office

Chì thu na roghainnean prìobhaideachd ann an aplacaid Office sam bith ’s tu a’ tadhal air “Faidhle” > “Roghainnean” > “An t-aonad earbsa”.

Na roghainnean san aonad earbsa

Skype Suaicheantas Skype

Deasaich cò chì a’ phròifil agad ann an Skype is roghainnean prìobhaideachd eile air Skype.com.

Roghainnean Skype

OneDrive Suaicheantas OneDrive

Tha smachd agad air cò chì na faidhlichean agad air OneDrive.

An dòigh as fhearr airson na faidhlichean agad a chumail tèarainte

Xbox Suaicheantas Xbox

Cuir air gleus na roghainnean prìobhaideachd Xbox agad air a’ chonsoil agad no air Xbox.com.

Roghainnean prìobhaideachd Xbox

Bing Suaicheantas Bing

Cuir dheth na molaidhean luirg is cuir air gleus roghainnean eile ’s tu a’ clàradh a-steach air Bing.com.

Roghainnean prìobhaideachd Bing

Cortana Suaicheantas Chortana

Obraichidh Cortana nas fhearr ma tha cead aice ionnsachadh aig an uidheam agad is aig seirbheisean Microsoft eile.

Roghainnean Cortana